Liborina
| DÚthaich | Coloimbia |
|---|---|
| SgÏre riaghaltais ionadail | Antioquia |
| Domhan-leud is -fhad | 6°40â˛41âłN 75°48â˛44âłW |
| Cà nan na h-obrach / an ainm | Cà nanan Innd-Eòrpach |
| Là rach-lÏn | http://liborina-antioquia.gov.co/sitio.shtml |

'S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a thâ ann Liborina. Tha e suidhichte ann am meadhan na dĂšthcha aig 700m os cionn ĂŹre na mara agus 115km air falbh bho MhedellĂn, prĂŹomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnĂ th-shĂŹde theth a thâ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 24Ë aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1832.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tĂšs]'S e Nutabes an t-ainm a bha air a' bhaile o thĂšs, bho ainm nan TĂšsanach a bha nan tĂ mh an seo ro Ă m nan SpĂ innteach.[3] Chaidh an t-ainm aige a dh'atharrachadh gu Liborina ann an 1883, an sloinneadh aig a' churaidh Liborino MejĂa GutiĂŠrrez,[4] a bha an sĂ s anns a' chogadh an aghaidh na SpĂ inne.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tĂšs]Thòisich Jorge MartĂnez am pròiseas airson Liborina a sgaradh bho Sacaojal ann an 1832, leis gun robh 703 duine aâ fuireach anns an Ă ite far a bheil am baile an latha an-diugh.[5] An ceann bliadhna chaidh am baile a stèidhicheadh gu h-oifigeil leis aâ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (1798 â 1845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Liborina, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, EbĂŠjico, EntrerrĂos, Girardota agus CocornĂĄ.[6] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tĂšs]Tha 9,475 nan tĂ mh anns a' bhaile fa leth, ach tha aâ mhòr-chuid dhuibh, 7,619 dhuibh aâ fuireach thall anns na sgĂŹrean dĂšthchasail am broinn crĂŹochan a' bhaile.[7] Tha fearann na dĂšthcha sin ga roinn eadar na bailtean (SpĂ inntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiĂšireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dĂšthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fĂ gail na sgĂŹrean dĂšthchasail. Le sin, âs e pĂ tran Ă ireimh-shluaigh gu math traidiseanta a thâ ann ann am Liborina fhathast.
A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Liborina, ach tha 0.1% dhe TÚsanaich agus 7.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.6% dhe na daoine ann an Liborina leughadh agus sgrÏobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 14.3% dhe na dachannan.[9]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tĂšs]Thathar aâ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Liborina. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dĂšthaich le mòr-chuid Chaitligeach a thâann fhathast,[10] fèisean na stĂ ite agus tachartasan ionadail a sheallas cho lĂ idir âs a tha beairteas cultarail na dĂšthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an LÚnasdal.
- Fèill an Naoimh Lorcan: 10mh an LÚnasdal.
- Fèis na Ponair (SpĂ inntis: Fiesta del FrĂjol): an t-Samhain.
- A' Chà isg: am Mà rt neo an Cèitean.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tĂšs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tĂšs]- â Mapa oifigeil na roinne[dead link]
- â DĂšthchannan aig SMO
- â Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
- â Leabharlann Luis Angel Arango
- â Fiosrachadh aâ Chomhairle[dead link]
- â Leabharlann Luis Angel Arango
- â Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- â Colombia Virtual
- â Bileag fhiosrachaidh DANE
- â Country Studies: Colombia