Jump to content

Hoddom

O Uicipeid
Hoddom

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 02′ 38.″ Tuath
03° 19′ 20″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01576
Duilleag oifigeil Hoddom aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Hoddom (Hodelm o shean).[1] Tha e suidhichte aig 7m os cionn ìre na mara[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Eaglais Fheichin agus Cathair Ruairidh, ri taobh na h-aibhne Anainn.[3] Tha e 246km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 19km bhon Dhùn Phrìs agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Hoddom. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha raon goilf agus carabhanlann[5] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Eaglais Fheicein[6] agus dhan àrd-sgoil ann an Logarbaidh.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às an t-Sean Bheurla héafod agus holm, (Gàidhlig: Ceann an Eilein)[7] agus le sin tha e coltach gun d'fhuair e ainm mu 650. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Lochlannais holm (innis)[8] cuideachd. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Chaidh eaglais a thogail an seo le Naomh Mungo eadar 572 agus 575[10] ann an àite far an robh tèarmann pàganach ro làimhe. Chan eil càil air fhàgail bhon àm ud sin o chionn 's gun do thogadh na toglaichean ann am fiodh. Thogadh crois san 8mh Linn ann an stoidhle gu math àbhaisteach ann an ceann a tuath Shasainn, a chaidh a lorg san 19mh Linn.[11] Chaidh Caisteal a thogail san 17mh Linn is mean air mhean leasachadh e fad na linntean, gu seach àraidh aig deireadh na 19mh Linne.[12] Chuairtich an Caisteal an dèidh do Mhàiri I Alba fhàgail ach ghèill na luchd-dìon dìreach an ceann latha.[13] Chaidh e a chuairteachadh a-rithis ann an 1559 agus rinn feachdan à Sasainn droch mhilleadh airsan san ath bhliadhna. Tha tobhtaichean an t-sean eaglaise, a chaidh a thogail ann an 1610, ri fhaicinn ged an do deach tè ùr a thogail ann an 1817.[14]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Ecclefechan History
  2. ↑ Weatherline
  3. ↑ Fish Pal
  4. ↑ Distance From
  5. ↑ Hoddom Castle
  6. ↑ Hoddom Primary
  7. ↑ Old English Translator
  8. ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. ↑ Ordanance Survey
  10. ↑ Ecclefechan History
  11. ↑ SCRAN
  12. ↑ Buildings at Risk
  13. ↑ Canmore
  14. ↑ Scottish Places