Jump to content

Powfoot

O Uicipeid
Powfoot

Map
54°58′41″N 3°19′57″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Dhùn Phris
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 400 (2011)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Powfoot aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Ruadhail air iomall Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Powfoot. Tha e suidhichte aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Greatna agus Dùn Phrìs, ri beulaibh tràigh àlainn ann am Bàgh Queensberry, ri taobh an Uisge Pow,[2] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh. Tha e 37km air falbh bho Bheattock, 111km bho Ghlaschu, 108km bhon An t-Sròn Reamhar agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 400 duine a’ fuireach anns agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Powfoot. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd: tha raon goilf ainmeil[3] agus campa carabhanaichean ann.[4] A thaobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean idir ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Clarencefield neo Comar na Drise agus dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Poll ann an Gàidhlig, Cuimris agus Lochlannais agus foot anns a' Bheurla (a tha a' ciallachadh cas) a tha an t-ainm.[5] Bheireadh sin Bun a' Phuill dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S ann gu math làidir 's a tha buaidh nan Lochlannach air ainmean-àite ann an iar-dheas na h-Alba,[6] gu h-àraidh faisg air a' mhuir: tha iomadh ainm-àite dà-chànanach Gàidhealach-Lochlannach agus 's ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba cuideachd. A bharrachd air sin, nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phris fhèin anns an 14mh Linn.[7]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Falling Rain[dead link]
  2. ↑ A' Chomhairle[dead link]
  3. ↑ Powfoot Golf Club
  4. ↑ Queensberry Bay Camping
  5. ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  6. ↑ Ordnance Survey
  7. ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147