Jump to content

Torthorwald

O Uicipeid
Torthorwald

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 05′ 22″ Tuath
03° 30′ 53″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail shuas air leathad Chnuic Carthat[1] os cionn Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Torthorwald (Tirthorrald o shean).[2] Tha e suidhichte aig 80m os cionn ìre na mara,[3] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an loch Mhabain agus Dùn Phrìs, ri taobh an Uillt Pierbanks.[4] Tha e 244km air falbh bho Obar Dheathain, 95km bho Ghlaschu, 19km bho Inbhir Anainn agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. [5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Torthorwald. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha taigh-òsta.[6] Taobh fhoghlaim, dhùnadh a' bhun-sgoil ann an 2010 agus le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phrìs.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Tùr Thor sa Choille, bhon sheann Bheurla Torr (Tùr) agus Weald (Coille),[7] ged a tha seann dòigh sgrìobhaidh an ainm a' cur freumhan Gàidhlig nar cinn, is le sin 's dòcha gur e Tìr/Tòrr agus ainm pearsanta a bhiodh ann.[8] Tha an eileamaid weald gu math cumanta san sgìre: Tinwald, Mousewald, Torthorwald. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheis na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Thogadh daingneach an seo san 12mh Linn[10] ann an stoidhle motte nuair a bha làmh an uachdair aig an teaghlach de Torthorwald. Dh'ath-leasachadh sin gu Caisteal aig deireadh an 14mh Linne ri linn na Chille Phàdraig. Leasaich William de Carleil e san 15mh Linn, leis gun d'fhuair e seilbh air a' bhaile nuair a phòs e tè dhe na Cille Phàdraig, ann an 1418. Bha duine a' fuireach ann gu ruige 1715 ach tha e na thobhta a-nis.

Tha eaglais air a bhith ann fad na linntean, ged an do deach an eaglais a chithear nar làithean a thogail ann an 1782.[11] 'S ann le Òrdugh na Trianaid (Laideann: Ordo Sanctissimae Trinitatis Redemptionis Captivorum) a bha an eaglais o shean.[12] B' e David Wallace Reader a' chiad mhinistear an dèidh An Ath-Leasachaidh ann an 1567. S'ann à Afraga a Deas a tha am ministear an latha an diugh, air a bheil Louis Christiaan Bezuidenhout (Johannesburg, 1954).[13] Dh'aontadh Torthorwald, Cille Mhìcheil agus Tinwald ann ann aon parraist ann ann 1981.

Fhuair am baile a chuid chòirichean mar Borgh a' Bharain (Beurla Ghallda: Burgh of Barony) ann an 1473, agus le sin b' urrainn dhan thighearna margadh a chumail agus ceartas a chur an gnìomh. A thuilleadh air sin, tha an taigh-tughaidh mu dheireadh na sgìre suidhichte ann an Torthorwald.[14] Chaidh e a thogail san 18mh Linn ann an stoidhle cruck, le fiodh agus ùir. A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 20 duine à Torthorwald bàs sa Chogadh Mòr[15] agus còignear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Scottish
  2. ↑ Kirkmichael, Tinwald and Torthorwald church
  3. ↑ Falling Rain
  4. ↑ Explore
  5. ↑ Distance Calculator
  6. ↑ Manor Hotel
  7. ↑ Old English Translator
  8. ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  9. ↑ Ordanance Survey
  10. ↑ Canmore
  11. ↑ Canmore
  12. ↑ Kirkmichael, Tinwald and Torthorwald church
  13. ↑ Sabinet
  14. ↑ Cruck Cottage
  15. ↑ Scottish War Memorials Project